Thathar a’ tabhann comhairle an-asgaidh do luchd-seilbh Earra-Ghàidheal is Bhòid air dè a’ bhuaidh a bhios aig an atharrachadh bho Shochairean Taigheadais gu Creideas Coitcheann orra.
Le taic bho aonad shochairean Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, bidh Roinn na h-Obrach is nam Peinnseanan a’ cumail sheiseanan comhairleachaidh aig deireadh an Lùnastail gus fiosrachadh a thoirt do luchd-seilbh thogalaichean air ciamar a bhios màladairean a’ làimhseachadh nan cunntasan aca airson a’ Chreideis Choitchinn agus ciamar a phàigheas iad am màl aca; ciamar a nithear cinnteach nach bi daoine air dheireadh leis a’ mhàl aca; agus dè ghabhas dèanamh nuair a tha iad air dheireadh leis a’ mhàl.
Thèid seiseanan a chumail ann an Ceann Loch Gilb air 28 Lùnastal; Dùn Omhain air 29 Lùnastal; agus ann am Baile Eilidh air 30 Lùnastal 2018. Thèid gach tachartas a chumail eadar 9.30m agus 1f. Thèid seiseanan a tha ag amas gu h-àraidh air luchd-seilbh prìobhaideach a chumail bho 3.30f.
Thuirt Ceann-Poileasaidh na Comhairle airson Seirbheisean Corporra, an Comhairliche Rory Colville: “Gheibh luchd-seilbh, aig a bheil màladairean a tha a’ faotainn Shochairean Taigheadais an-dràsta, cothrom math fiosrachadh fhaighinn air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig a’ Chreideas Choitcheann orra.
“Bhrosnaichinn duine sam bith nach eil cinnteach mun atharrachadh seo a dhol gu seisean.”
Ma tha sibh airson a dhol gu seisean, no airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh post-d gu
benefitsgeneralenquiries@argyll-bute.gov.uk .
To read this news release in English, visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/2018/jul/free-advice-argyll-and-bute-landlords