Ro-innleachd Co-obrachaidh airson Phàrantan air a h-aontachadh

“Tha e deatamach gun gabh pàrantan pàirt is ùidh ann am foghlam an cuid chloinne. Tha fianais a’ sealltainn gu bheil sgoilearan gan giùlan nas fhèin ann an dòigh nas fheàrr, a’ coileanadh barrachd agus tha iad nas fheàrr air a bhith a’ frithealadh na sgoile nuair a tha na pàrantan aca an sàs san fhoghlam aca. Tha sinne ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a’ faireachdainn gu bheil seo fìor chudromach, agus tha sinn air cur romhainn iomairtean a chur an sàs mar thaic dha.”

 

Sin a thuirt Ceann-Poileasaidh na Comhairle airson Foghlam, an Comhairliche Yvonne McNeilly, nuair a dh’aontaich Buill de Chomataidh nan Seirbheisean Coimhearsnachd aig a’ Chomhairle ri Ro-innleachd Co-obrachaidh ùr airson Phàrantan an-diugh (Diardaoin). Chaidh an ro-innleachd ùr fhoillseachadh mar thoradh air a’ Phlana Ghnìomh a bheir Taic do Phàrantan a bhith Gabhail Pàirt a dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba.

 

Chaidh an ro-innleachd a dhealbh le taic bho chomhairlean phàrant bho air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus bheir e cothrom do phàrantan, sgoiltean agus an t-seirbheis foghlaim a bhith ag obair còmhla ann an dòigh nas èifeachdaiche.

 

Tha e mar aon de na prìomh chinn-uidhe ann an Àrd-phlana is Ro-innleachd Foghlaim na Comhairle - Ar Clann is na tha an Dàn Dhaibh - a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi co-obrachadh sàr-mhath ann le barrachd co-chonaltraidh le pàrantan agus le pàrantan a’ gabhail barrachd pàirt ann an cùisean foghlaim.

 

’S iad na sia cinn-uidhe san ro-innleachd:

 

  • Gun tèid ceanglaichean com-pàirteach làidir a thogail le pàrantan.

  • Gun toirear taic is brosnachadh do chonaltradh èifeachdach eadar sgoiltean is pàrantan.

  • Gun toirear taic is brosnachadh do dh’ionnsachadh san dachaigh.

  • Gun toirear taic do dh’obair nan Comhairlean Phàrant agus gun tèid an obair aca a chur air adhart.  

  • Gum bi dòighean soilleir ann san gabh dèiligeadh ri draghan is gearanan a th’ aig pàrantan. 

  • Gun tèid beachdan a shireadh bho phàrantan mun phoileasaidh seo agus gun tèid freagairtean a thoirt do na beachdan sin.

 

Lean an Comhairliche McNeilly oirre: “Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil na cothroman as fheàrr aig ar cuid chloinne tràth nam beatha agus gu bheil iad deiseil airson soirbheachadh. Le bhith a’ brosnachadh phàrantan gu bhith a’ dèanamh barrachd leis a’ chloinn aca nuair a tha iad ag ionnsachadh, chan e a-mhàin gun neartaich sin an dàimh eadar am pàrant is am pàiste, ach cuideachd tha e a’ neartachadh nan ceanglaichean eadar pàrantan is sgoiltean.

 

“Bidh pàrantan a’ fàs tòrr nas mothachaile air a’ churraicealam airson sàr-mhathais agus air feumalachdan ionnsachaidh a’ phàiste aca.  Chaidh an ro-innleachd seo a dhealbh le taic bho ar comhairlean phàrant, agus dh’innis iad dhuinn gu bheil iad ag iarraidh gum bi barrachd pàirt aca ann a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean aig ìre ro-innleachdail.

 

“Cuideachd, chùm sinn a’ chiad cho-labhairt bhliadhnail againn riamh airson chomhairlean phàrant, agus dh’obraich sin gu fìor mhath.

 

“’S e adhartas glè mhath a tha seo a nì feum mòr don a h-uile duine agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ togail air.”

To read this release in English visit: /news/2018/jun/council-agrees-revised-plan-get-parents-involved-education

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.