Cothroman air trèanadh ann an sgilean didseatach do ghnothachasan Earra-Ghàidheal is Bhòid

Gheibh gnothachasan ann an Earra-Ghàidheal is Bòd cothroman air trèanadh ann an sgilean didseatach agus comhairle bho eòlaichean mar thoradh air maoineachadh luach £48,000 bho Riaghaltas na h-Alba.

Bheir Fosglan Gnothachais Earra-Ghàidheal is Bhòid 19 bùithtean-obrach DigitalBoost seachad agus suas ri 20 seisean bho eòlaichean far am bi iad a’ toirt comhairle seachad do ghnothachasan fa leth, agus tha sin mar phàirt de sgeama maoineachaidh nàiseanta gus trèanadh a lìbhrigeadh gu co-dhiù 2020.

Bidh DigitalBoost a’ cur air dòigh bùithtean-obrach ionadail, taic bho eòlaiche didseatach, oideachadh air-loidhne, agus stiùiridhean practaigeach air cuspairean leithid nam meadhanan sòisealta, tèarainteachd dhidseatach, mion-sgrùdadh dàta, ro-innleachdan airson margaidheachd dhidseatach agus reic air-loidhne. ’S e pàirt cudromach eile den t-seirbheis DigitalBoost, sgrùdadh air-loidhne airson ghnothachasan a mhaireas còig mionaidean agus a nì measadh air na neartan is laigsean aca a thaobh chùisean didseatach.

Thuirt Ceann-Phoileasaidh na Comhairle airson Leasachadh Eaconamach, an Comhairliche Aileen Morton: “’S e deagh naidheachd a th’ anns a’ mhaoineachadh seo do ghnothachasan Earra-Ghàidheal is Bhòid. Tha e fìor chudromach don amas againn a bhith a’ tàladh barrachd dhaoine, ghnothachasan is luchd-tadhail chun na sgìre gum bi sinn a’ cuideachadh ghnothachasan ùra is stèidhichte gus fàs a thoirt air an obair aca agus gus sgilean gnothachais feumail ionnsachadh. Tha sinn airson gun soirbhich le daoine is gnothachasan ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, agus tha cothrom gus leantainn leis an t-seòrsa trèanaidh seo a’ cuideachadh gu mòr le sin.

Dh’fhoillsich Ceit Fhoirbeis BPA, am Ministear airson Ionmhas Poblach agus na h-Eaconamaidh Didseataich, an naidheachd gun leanadh am maoineachadh seo air feadh Alba. Thuirt i: “Thathar a’ tomhas gur e teicneòlas an roinn as motha air an tig fàs ann an Alba ro 2024, ach ma tha sinn a’ dol a shoirbheachadh le sin, bidh feum againn air sgilean. Tha sinn air cur romhainn dèanamh cinnteach gun urrainn don fheachd-obrach agus do na gnothachasan againn an liuthad chothroman a gheibhear an lùib teicneòlais dhidseataich a ghabhail.

“Tha mi fìor thoilichte an ath ìre seo de DigitalBoost a chur air bhog a chuidicheas barrachd chompanaidhean is iomairtean beaga is meadhanach mòr ann an Alba gus na h-amasan didseatach aca a choileanadh.  Tha am prògram air taic a thoirt do mhìltean de ghnothachasan is daoine mu thràth gus na comasan is seirbheisean didseatach aca a thoirt air adhart, agus mar phàirt de sin tha iad air an obair aca a leudachadh gus ruighinn air margaidhean ùra. Tha mi a’ coimhead air adhart ri tuilleadh adhartais fhaicinn sa cheathramh bliadhna seo de DigitalBoost.”

Airson barrachd fiosrachaidh mu DigitalBoost agus gus taic fhaighinn don ghnothachas agaibh, tadhlaibh air: www.bgateway.com/digitalboost

*This press release is also available in English here: /news/2019/jul/digital-training-boost-argyll-and-bute-businesses

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.