Ro-innleachd airson an Eaconamaidh a Leasachadh le plana gus fàs a thoirt air àireamh an t-sluaigh

Tha Comhairlichean air aonta a chur ri dreachd de Ro-innleachd airson Eaconamaidh Earra-Ghàidheal is Bhòid a Leasachadha tha ag amas gu h-àraidh air leasachaidhean air a’ bhun-structar, a’ tàladh dhaoine ùra gu bhith a’ fuireach san sgìre agus a’ toirt taic do roinnean cudromach leithid turasachd agus gnìomhachasan na mara.

Dh’aontaich Comataidh na h-Àrainneachd, Leasachaidh is Bun-structair an-diugh (7 Màrt) ris an dreachd den Ro-innleachd airson Eaconamaidh Earra-Ghàidheal is Bhòid a Leasachadh agus ris a’ Phlana Ghnìomh airson na ro-innleachd. Tha an ro-innleachd na sgrìobhainn chudromach a chaidh a sgrìobhadh leis an amas cuideachadh le bhith a’ coileanadh àrd-amasan Plana Earra-Ghàidheal is Bhòid airson Builean nas Fheàrr 2013-2023, ’s ris an do chuir Riaghaltas na h-Alba aonta. Tha am plana leasachaidh sin stèidhichte air a’ phrionnsapal, “gu bheil mar a tha eaconamaidh Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ soirbheachadh stèidhichte air àireamh sluaigh a tha a’ fàs.”

Chaidh trì prìomhachasan cudromach a chomharrachadh mar phàirt den ro-innleachd, agus tha amasan is gnìomhan ann mar thaic dhaibh. ’S iad sin: Bun-structar eaconamach riatanach; àiteachan is daoine; agus fàs èifeachdach.

A thaobh bun-structar eaconamach riatanach, tha e mar phrìomh amas do ghnothachasan ionadail gum bi slighean soilleir ann chun na margaidh, agus cumaidh a’ Chomhairle oirre a’ dèanamh strì is tagradh airson ceanglaichean còmhdhail nas fheàrr a stèidheachadh a nì cinnteach gu bheil na slighean sin ann. Tha e cuideachd riatanach do mar a shoirbhicheas le eaconamaidh na sgìre gum bi ceanglaichean nas fheàrr ann tro lìonraidhean didseatach, seirbheisean còmhdhail poblach agus ceanglaichean siubhail nas fheàrr

Tha e cuideachd deatamach do mar a thig fàs air an eaconamaidh ionadail gum bi àiteachan nas fheàrr ann agus gun tèid daoine a thàladh gus a bhith a’ fuireach is ag obair ann, a’ tadhal air agus a’ cur airgead an seilbh Earra-Ghàidheal is Bhòid. Tha an dreachd den ro-innleachd a’ sealltainn mar a tha feum air maoineachadh bhon taobh a-muigh a chuidicheas le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil na goireasan a tha a dhìth air ar bailtean aca gus luchd-tasgaidh a thàladh agus gu bheil iad tarraingeach mar àiteachan do dhaoine a bhith a’ fuireach annta agus do ghnothachasan.

Le fàs èifeachdach, tha an ro-innleachd a’ cur cuideam air taic do dh’fhàs ann an roinnean air a bheil sinn a’ cur prìomhachas, leithid turasachd, biadh is deoch, einnseanaireachd, roinn an dìona agus gnìomhachasan mara. Leis a’ phrìomhachas seo thathar ag amas air barrachd thoraidhean agus a bhith a’ brosnachadh obair innleachdach is ùr-ghnàthach.

Tha an Ro-innleachd a’ togail gu dlùth air an Aonta airson Fàs ann an Sgìrean Dùthchail aig a’ Chomhairle; nuair a chaidh an t-aonta sin a dhealbh chaidh ealla a ghabhail ri farsaingeachd de rannsachadh, toraidhean co-chomhairleachadh poblach agus ris na prìomhachasan eaconamach aig Riaghaltasan na h-Alba agus na RA.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na prìomhachasan sin agus an ro-innleachd san fharsaingeachd air-loidhne aig http://bit.ly/2C8H4ZL

Thuirt an Comhairliche Aileen Morton, Ceann-Phoileasaidh airson Leasachaidhean Eaconamach: “Leis na th’ ann de dh’atharraichean a tha air tighinn air eaconamaidh an t-saoghail, agus air an eaconamaidh nàiseanta is ionadail, tha e cudromach gum bi ro-innleachd againn a chuireas ar plana an cèill airson eaconamaidh shoirbheachail is sheasmhach do dh’Earra-Ghàidheal is Bòd san àm ri thighinn. Tha sinn airson gun soirbhich le daoine is gnothachasan an seo, agus ’s e sin as motha a tha fa-near dhuinn leis na prìomhachasan uile a chithear san dreachd den Ro-innleachd airson an Eaconamaidh a Leasachadh.”

Nì Comataidh Stiùiridh a’ Chom-pàirteachais Planaidh Coimhearsnachd sgrùdadh air an ro-innleachd agus thèid a cur air beulaibh coinneamh den làn Chomhairle airson aonta.

This press release is also available in English at: /news/2019/mar/economic-development-strategy-sets-out-plan-grow-population

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.