CHAIDH LEABHARLANN AN TAIRBEIRT FHOSGLADH GU H-OIFIGEIL

Published Date: 

16 Oct 2015 - 16:52

Chaidh Leabharlann an Tairbeirt fhosgladh gu h-oifigeil an t-seachdain sa chaidh le Ceannard Phoileasaidhean na Comhairle airson Choimhearsnachdan is Cultair, an Comhairliche Robin MacMhuirich.

San leabharlann ùr, ghoireasach gheibhear àirneis shoilleir, suidheachain chofhurtail, seòmar-coinneachaidh airson a bhith leughadh leat fhèin is airson chlasaichean, àite dathte airson clann agus Wi-Fi an-asgaidh. Tha tòrr rùm ann, agus tha seo uile a’ ciallachadh gu bheil a’ choimhearsnachd a’ faighinn seirbheis nas fheàrr.

A’ bruidhinn aig an fhosgladh, thuirt an Comhairliche MacMhuirich, “Tha e na urram is na thoileachas dhomh leabharlann ùr an Tairbeirt fhosgladh. Chaidh an àireamh dhaoine a tha tadhal air leabharlannan ann an Earra-Ghàidheal is Bòd suas 10% an-uiridh. Tha sin mar chomharra air na th’ ann de sheirbheisean agus an roghainn de sheirbheisean a tha sinn a’ tabhann a-nis. Tha leabharlannan a-nis nam pàirt cudromach de ar coimhearsnachdan far am faigh daoine cothrom air diofar sheirbheisean, fiosrachadh agus cothroman ionnsachaidh.

“Tha mi an dòchas gun tòisich daoine a’ coimhead air an leabharlann mar nàdar de chridhe na coimhearsnachd. Àite far am faod daoine coinneachadh agus tha sinn gu mòr airson 's gun dèan daoine feum den togalach nuair nach eil an leabharlann fosgailte.”

Tha àite san leabharlann cuideachd a ghabhas cleachdadh mar ghailearaidh, far am faod daoine dealbhan is obair-ealain eile a shealltainn. Tha dà dhealbh eireachdail ann an-dràsta air an dèanamh le peant-uisge a chaidh a thoirt don Chomhairle as t-samhradh mar thiodhlac.

Chaidh an dà dhealbh a dhèanamh le Peadar MacGriogair MacUilleim, agus thug e seachad iad mar thiodhlac do a charaidean, Gilleasbuig MacGilp agus Mòr Mhàrtainn NicNeacail nuair a phòs iad air 19 Giblean 1911. Thug ogha an dithis aca, Màrtainn MacGilp à Inbhir Nis, na dealbhan seachad mar thiodhlac don leabharlann. Chan eil ainm air aonan dhiubh, agus ’s e “An Tairbeart” a th’ air an fhear eile.

Thuirt Mgr MacGilp, “Tha e sgoinneil gu bheil na dealbhan tèarainte a-nis fo shealbh a’ phobaill agus gum bi iad air an taisbeanadh san leabharlann fad iomadh bliadhna.” 

Tarbert Library was declared officially open last week by Argyll and Bute Council’s Policy Lead for Community and Culture, Councillor Robin Currie.

The new, modern library is fitted out with bright furnishings, comfortable seating, a meeting room for private study and classes, a colourful area for children and free Wi-Fi. It has considerable space, offering an even greater range of service for the community.

Talking at the opening, Councillor Currie said, “I am honoured and delighted to be opening the new Tarbert library. The number of people visiting libraries in Argyll and Bute increased by 10% last year. This pays tribute to the many and varied services which are now being provided. Libraries are becoming the focus for our communities to access a diverse range of services, information and learning opportunities.

“I hope that people will begin to see the library as a community hub. A place where people can meet and we are keen for the building to be used as much as possible outside of normal library opening hours.”

There is also gallery space in the library for displaying paintings and various other forms of artwork. This area is currently home to two beautiful watercolour paintings that were donated to the Council during the summer.

The paintings are both by Peter MacGregor Wilson and were gifted to his friends, Archibald MacGilp and Marion Martin Nicolson on the occasion of their marriage April 19, 1911. The paintings were donated to the library by the couple’s grandson, Martin MacGilp from Inverness. One is untitled and the other is titled, “Tarbert”.

Mr MacGilp said, “It feels great that the paintings are secure in public ownership and that they will be on display at the library for a time.”