Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ sireadh maoineachadh a bharrachd bhon riaghaltas

Published Date: 

12 Oct 2015 - 12:42

Tha Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, an Comhairliche Dick Walsh, a’ dol a sgrìobhadh chun an Leas Phrìomh Mhinisteir agus e a’ sireadh maoineachadh a bharrachd bhon riaghaltas do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Chaidh seo aontachadh leis a’ Chomataidh Poileasaidh is Ghoireasan an-diugh a bha beachdachadh air na roghainnean a bh’ ann airson airgead a shàbhaladh agus a chaidh a chomharrachadh gus dèiligeadh ris an easbhaidh, luach £21.7-£26 millean, a thathar an dùil a bhios ann am buidseat na comhairle.

Thuirt an Comhairliche Walsh, “Bu toil leinn gach nì a tha ar coimhearsnachdan ag iarraidh oirnn dèanamh a dhèanamh, ach chan urrainn dhuinn ri linn cion airgid. Tha sinn air còrr is £30 millean a shàbhaladh mu thràth sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad. A bharrachd air sin, tro rian èifeachdach air ar n-ionmhas mar a chaidh aithneachadh le Sgrùdadh na h-Alba, chaidh againn air airgead a chosg mu choinneamh obair ath-nuadhachaidh agus ann a bhith togail eaconamaidh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a tha làn chothroman.

“Ge-tà, le easbhaidh cho mòr san ionmhas againn a-nis, chan eil roghainnean furasta ann.

“Tha sinn fortanach ann an Earra-Ghàidheal is Bòd leis mar a tha coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach againn. Gu dearbh, tha barrachd eileanan againn le daoine a’ fuireach annta na tha aig ùghdarras ionadail eile ann an Alba. Ach tha dùbhlain ionmhasail ann nuair a thig gu bhith toirt sheirbheisean is taic do na coimhearsnachdan sin.

“Tha a’ mhòr-chuid - 80% - den mhaoineachadh againn a’ tighinn bho Riaghaltas na h-Alba. Thàinig àrdachadh air a’ mhaoineachadh a tha cuid a bhuidhnean poblach eile a’ faighinn, ach chaidh maoineachadh na Comhairle a lùghdachadh.

“Tha a’ Chomhairle a’ dèanamh nas urrainn dhuinn gus a’ bhuaidh a lùghdachadh a bhios aig an easbhaidh seo nar n-ionmhas air coimhearsnachdan is muinntir Earra-Ghàidheal is Bhòid. ’S e aon rud eile as urrainn dhuinn a dhèanamh, tuilleadh maoineachaidh iarraidh bhon riaghaltas.”

Cuideachd, dh’aontaich a’ Chomataidh ri airgead a chur mu choinneamh maoin-innleachdais airson iomairtean a tha a’ dol a chur ri teachd-a-steach na comhairle no a’ dol a thoirt leudachadh air an eaconamaidh.

Thuirt an Comhairliche Walsh, “Nuair a thig e gu bhith planadh airson an ama ri teachd, feumaidh sinn barrachd na dìreach roghainnean a dhèanamh a thaobh sheirbheisean. Feumaidh sinn cruth-atharrachadh a thoirt air ar dòighean-obrach feuch gun tèid againn air airgead a shàbhaladh agus aig an aon àm gun tèid againn air airgead a chosg gus am bi sgìre bheartach againn san ùine air thoiseach.

“Ma thèid teachd-a-steach na comhairle a mheudachadh tro dhòighean-obrach ùra, chan fheum sinn uiread a chaomhnadh agus nì sinn dìon air seirbheisean is obraichean.

“Tha sinn air tòrr obrach a dhèanamh mu thràth gus èifeachdas is innleachdas a chur an sàs sna bliadhnaichean a dh’fhalbh. Cuidichidh a’ mhaoin seo le bhith togail air an obair sin.”

Tha a’ Chomhairle ag obair còmhla ri Scotland Excel gus innleachdas a chur an sàs air feadh na Comhairle.

Bheachdaich a’ Chomataidh cuideachd air na roghainnean a bh’ ann airson airgead a shàbhaladh a chaidh a chomharrachadh gus dèiligeadh ris an easbhaidh san ionmhas, agus dh’aontaich iad, gus am faigh iad maoineachadh a bharrachd bhon riaghaltas, gum bu chòir moladh don Chomhairle gun aontaich iad air 22 Dàmhair gun tèid gach roghainn (còrr is 140) fhoillseachadh mar phàirt de cho-chomhairleachadh poblach.

Thuirt an Comhairliche Walsh, “Tha sinn air barrachd roghainnean a chomharrachadh na tha dhìth gus an t-airgead a shàbhaladh, feuch am bi roghainn dha-rìribh aig daoine agus feuch am faigh ar coimhearsnachdan cothrom ceart beachdan a thoirt seachad air na roghainnean sin. Tha e mar uallach laghail oirnn am buidseat againn a chothromachadh. Ma tha toll sa bhuidseat againn, feumaidh sinn dèiligeadh ris. Bidh sin a’ ciallachadh gum feumar co-dhùnaidhean doirbh a dhèanamh. Tha sinn airson gun coimheadar air na roghainnean seo agus gun dèanar na co-dhùnaidhean ceart do ar coimhearsnachdan aig a’ cheann thall.”

Thathar an dùil gun tòisich an co-chomhairleachadh poblach aig deireadh na Dàmhair, ma dh’aontaicheas a’ Chomhairle ri sin air 22 Dàmhair.

Thèid co-dhùnaidhean a dhèanamh a thaobh a bhith sàbhaladh airgead nuair a thèid toraidhean a’ cho-chomhairleachaidh a chruinneachadh, agus thathar an dùil na co-dhùnaidhean sin a dhèanamh aig coinneamh na Comhairle sa Ghearran 2016.

 

Leader of Argyll and Bute Council, Councillor Dick Walsh, is to write to the Depute First Minister seeking additional government funding for Argyll and Bute.

This was agreed at today’s Policy and Resources Committee which considered savings options identified in response to the council’s predicted funding gap of £21.7-£26 million over the coming years.

Councillor Walsh said, “We would like to do all that our communities want us to but lack of funding means that this just is not possible. We have already made savings of more than £30 million in the past few years. In addition to this, through effective financial management as recognised by Audit Scotland, we have been able to invest in regeneration and building Argyll and Bute’s economy of opportunity.

“This level of funding gap however means that there are no easy choices to make.

“Argyll and Bute benefits from having both rural and island communities. In fact we have the highest number of inhabited islands of any Scottish local authority. This brings with it financial challenges in delivering services and support.

“The majority - 80% - of our funding comes from the Scottish Government. Other public agencies have had their funding increased in recent years, while the Council’s has been reduced.

“The Council is working to do all we can to reduce the impact of the funding gap on our communities and residents. Taking action to seek additional government resources is one more step.”

The Committee also agreed to invest in an innovation fund to develop initiatives focused on growing council income or delivering economic growth.

Councillor Walsh said, “Planning our future is about more than service choices. It’s about transforming how we work so that we can achieve savings and continue to invest in building future prosperity.

“Growing council income through new ways of working will reduce the need for savings and help protect services and jobs.

“We’ve being doing a lot of work already to deliver efficiencies and innovation over the past years. This fund will help build on that work.”

The Council is working with Scotland Excel in developing innovation across the Council.

The Committee also considered savings options identified in response to the predicted funding gap, and agreed that until additional government funding is forthcoming, all savings options (more than 140) should be recommended to Council on 22nd October for public consultation.

Councillor Walsh said, “More options have been identified than we will need to take to allow for choice and effective consultation with our communities. We are legally required to balance our budget. Where there is a funding gap, we must bridge it. This means difficult decisions. We would like to progress these options to the right decisions with our communities.”

Public consultation is planned to begin at the end of October subject to agreement by Council on the 22nd.

Decisions on savings options will be taken after findings from the consultation are available, at the Council meeting planned for February 2016.