Plana Foghlaim Bliadhnail air aontachadh

Chaidh moladh a dhèanamh air luchd-obrach foghlaim is sgoilearan an-diugh (Diardaoin) agus Comataidh nan Seirbheisean Coimhearsnachd a’ cur aonta ri Plana Foghlaim Bliadhnail Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

 

Chaidh am plana ullachadh a rèir chumhachan Achd Inbhean Sgoiltean na h-Alba msaa 2000, agus sa phlana gheibhear taghadh farsaing de dh’fhiosrachadh air obair na seirbheis do phàrantan, sgoilearan, luchd-obrach, luchd-cùraim agus coimhearsnachdan.

 

Thuirt Ceann-Phoileasaidh na Comhairle airson Foghlaim, an Comhairliche Yvonne McNeilly: “Tha e follaiseach gu bheil tòrr rudan againn mu thràth ann an Earra-Ghàidheal is Bòd às am bu chòir dhuinn a bhith moiteil, agus tha mi airson meal-a-naidheachd a chur air ar luchd-obrach is sgoilearan airson na h-obrach cruaidh a bhios iad a’ dèanamh agus na tha iad air a choileanadh. Tha cho math ’s a rinn na sgoilearan sna deuchainnean aca am-bliadhna a’ toirt dhuinn dìreach aon eisimpleir de na toraidhean a thig bhon dìcheall ’s an dealas a tha an luchd-obrach is sgoilearan a’ nochdadh airson ionnsachaidh.

 

“Tha sinn uabhasach moiteil às mar a tha iad air soirbheachadh, agus ’s iad a tha airidh air. Ge-tà, tha mi dhen bheachd gun urrainn dhuinn tuilleadh adhartais a dhèanamh fhathast, agus tha an t-seirbheis ag obair gu cruaidh gus am prògram leasachaidh lèirsinneach againn a thoirt gu buil.

 

“Tha sinn gu h-àraidh a’ rùnachadh gum faigh ar clann is daoine òga am foghlam as fheàrr as urrainn dhuinn a thoirt dhaibh, agus ’s mòr ar miann gun tachair sin.

 

“Tha e san amharc dhuinn gum bi àrd-amasan, sàr fhoghlam agus co-ionannachd ann don a h-uile duine, agus cumaidh sinn oirnn ag obair gu cruaidh gus piseach a thoirt air ar seirbheisean agus air an fhoghlam a tha sinn a’ toirt seachad a chum leas gach neachsna coimhearsnachdan againn.”

 

Thèid lethbhreac den Phlana Fhoghlaim Bhliadhnail a chur gu Ministearan na h-Alba a-nis.

 

To read this news release in English, visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/2018/aug/council-approves-annual-education-plan-argyll-and-bute

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.