Tha daoine òga, tàlantach bho cheithir dhiofar eileanan ann an Earra-Ghàidheal is Bòd air tighinn còmhla gus comaig Ghàidhlig a chruthachadh a tha a’ togail air cultar is dualchas làidir na sgìre. Chaidh a’ chomaig, “Na Gaisgich”, a sgrìobhadh le sgoilearan air clas 7 sa bhun-sgoile à Ìle, Diùra, Muile agus Tiriodh mar phàirt de phròiseact a chuidicheas clann a tha a’ gluasad bhon bhun-sgoil chun na h-àrd-sgoile.