Chaidh maoineachadh a bharrachd luach cha mhòr £500,000 a ghealltainn mar thaic do dh’iomairtean beaga is meadhanach mòr (IBMan) ann an Earra-Ghàidheal is Bòd gus am fàs iad aig ìre nas luaithe. Le Ìre a Dhà den Phrògram airson Fàs nas Luaithe gu h-Ionadail (PFLI) aig an Fhosglan Ghnothachais, thèid prògram taice do ghnothachasan luach £483,000 a lìbhrigeadh le sgioba an Fhosglain Ghnothachais. Chaidh an taic sin aontachadh an t-seachdain seo (7 Màrt) le Comataidh Àrainneachd, Leasachaidh is Bun-structair na Comhairle.